‘S iad an Tom Campbell Trio à Glaschu a th’ againn mar chlàr na seachdain air Caithream Ciùil agus iad a' tarraing air ceòl Albannach agus Èireannach air a' chlàr ùr aca 📀
Tha Calum Aonghas MacAoidh a’ comharrachadh ceann-bliadhna sònraichte am-bliadhna le taghadh dhen obair mhòr a tha e air a dhèanamh ann an diofar mheadhanan thairis air dà fhichead bliadhna, obair a tha stèidhichte air cultar agus dualchas nan daoine bhon tàinig e.